Dè tha san Stòr-dàta Stuthan Gàidhlig (GRD)?

Chaidh an Stòr-dàta Gàidhlig a stèidheachadh le Comhairle nan Eilean Siar ann an 1990 le maoineachadh bho Oifis na h-Alba tro Thabhartasan Sònraichte do Ghàidhlig. Ann an 1992 chaidh a leudachadh gu seirbheis eadar-ùghdarrasail; agus ann an 1999 chaidh e air an eadar-lìon mar stòr-dàta fiosrachaidh a bhiodh a' sìor-leudachadh le stuthan co-cheangailte ri foghlam Gàidhlig. Chaidh an obair a thoirt air adhart le co-chomhairleachadh ri Luchd-sgrùdaidh Sgoiltean, Sàr-eòlaichean Teagaisg, Luchd-leasachaidh Curraicealaim agus Luchd-obrach nan Leabharlann.

Tha stuthan foghlaim air an seòrsachadh a rèir an Stiùiridh Nàiseanta far a bheil sin iomchaidh agus tha fiosrachadh bho luchd-cleachdaidh ga chur gu feum ann a bhith a' sgrùdadh, ag ùrachadh agus a' ceangal fiosrachaidh ri chèile. An-dràsta fhèin tha mu 25,000 de chlàran a dh'fhaodar an rannsachadh air-loidhne. Tha mòran eile fhathast gan leasachadh agus gan ùrachadh.

Ann an clàran an stòr-dàta gheibhear fiosrachadh air raon de dh'artaigilean air eachdraidh Albannach, beul-aithris, bàird, beathaichean, eòin, òrain, rannan agus tòimhseachain do chloinn agus mar sin air adhart. Tha stuth audio an cois mòran de na rannan.

Thug na buidhnean a leanas cead fialaidh stuthan sònraichte a chleachdadh agus tha am pròiseact fìor-mholtach air an co-obrachadh agus air an taic: Acair Earranta; An Comunn Gàidhealach; diofar Chomainn Eachdraidh; Gairm; Runrig; Sgoil Eòlais na h-Alba; agus mòran de dhaoine fa-leth cuideachd. Thug seo cothrom rudan mar luinneagan, sgeulachdan agus cunntasan eachdraidheil a bhith air an clàradh san stòr-dàta.

Cha leigear tuilleadh a leas an t-ionnsachadh, an rannsachadh agus na stuthan-sgrùdaidh a chruthaicheadh sna 100 bliadhna mu dheireadh, agus còrr, a bhith air an cuingealachadh ri preasan sgoile no ri sgeilpichean-rannsachaidh sna leabharlannan. Ge bith cò bhuaithe tha iad a' tighinn, Taic Curraicealaim, Comainn Eachdraidh Ionadail no ollamhan sna h-oilthighean, ma tha iad air an clàradh agus air an cur air an GRD, faodar an rannsachadh air-loidhne, air feadh an t-saoghail.

Seo cuid de na stuthan a tha air an clàradh san stòr-dàta:

  • An Gàidheal: fios mu artaigilean is eile a nochd san iris mhìosail aig A' Chomunn Ghàidhealach.
  • Bàird Ghàidhlig: tha geàrr-chunntasan-beatha agus liostaichean dham bàrdachd agus de na leabhraichean sam faighear sin air an clàradh. Chaidh 'Bàrd Bharabhais', a bha air fhoillseachadh an toiseach ann an 1920, ath-sgrìobhadh le dreach an latha an-diugh agus tha a' bhàrdachd agus na sgeulachdan uile a-nis rim faotainn air clàran an stòr-dàta. Tha clàran ann cuideachd de bhàrdachd nach deach fhoillseachadh ron seo.
  • Bàrdachd, òrain agus laoidhean: tiotalan air an clàradh, a rèir òrdugh na h-aibidil, à caochladh leabhraichean; agus òrain à Leabhrain Mòid a dh'fhoillsich An Comunn Gàidhealach.
  • Beul-aithris/eachdraidh ionadail: fiosrachadh mu sgeulachdan agus cunntasan a chaidh fhoillseachadh ann an caochladh leabhraichean.
  • Ceòl: tha earrann mhòr de cheòl Gàidhlig san stòr-dàta. Gheibhear an seo fios mu gach pìos a th' air còrr is 330 teip agus CD (òrain, ceòl, rannan, laoidhean, sailm agus eile) a th' air an cumail ann an Leabharlann Steòrnabhaigh. Tha na facail an cois mòran de na clàran a th' air an stòr-dàta agus fiosrachadh mu na leabhraichean sa bheil cuid dhiubh air am foillseachadh.
  • Clò-bhualaidhean Comann Gàidhlig Inbhir Nis (TGSI): fios mu òraidean is eile bho leabhraichean 1-54.
  • Comainn Eachdraidh: fios mu artaigilean, deilbh is eile a nochd sna h-irisean acasan.
  • Facal air an Fhacal (beul-aithris): tha rudan mar faclan Gàidhlig, abairtean, seanfhacail, gnàthasan-cainnt agus sgeulachdan air an clàradh san stòr-dàta.
  • Gairm: fiosrachadh mun stuth a nochd ann an 200 iris.
  • Leabharlann Colaiste Caisteal Leòdhais: fios mun h-uile stuth a tha aca a tha a' buntainn ris a' Ghàidhlig (a' gabhail a-steach Cruinneachadh Fhrangain MhicThòmais agus Cruinneachadh Shiaboist).
  • Leabharlann Steòrnabhaigh: fios mu chlò-bhualaidhean (a gheibhear air iasad no airson rannsachadh) a tha a' buntainn ri Gàidhlig agus saoghal na Gàidhlig.
  • Museum nan Eilean: fiosrachadh mun stuth a tha taisgte ann.
  • Scottish Gaelic Studies: fios mu stuth a nochd sna 19 leabhraichean de Eòlas Gàidhlig a chaidh am foillseachadh le Oilthigh Obar Dheathain.
  • Stuthan curraicealaim: fios mu leabhraichean, leabhrain, pasgain agus aonadan teagaisg, bhidiothan, postairean, meanbh-chlàran agus eile a bh' air am moladh le luchd-leasachaidh curaicealaim aig ìre ro-sgoil, bun-sgoil agus àrd-sgoil.
  • Stuth eachdraidheil agus beul-aithris às an t-sreath 'Leabhraichean Leughaidh' a chaidh am foillseachadh eadar 1940 agus 1950 leis A' Chomunn Ghàidhealach. Chaidh an cànan agus an litreachadh sna sgeulachdan seo ùrachadh agus tha na sgeulachdan air fad air an clàradh san stòr-dàta.
  • Tocher: fios mu artaigilean agus eile a nochd sna leabhraichean a dh'fhoillsich Sgoil Eòlais na h-Alba.